FÃ ilte
Thathar sa bheachd gu bheil tòrr fhastaichean, mar is trice ann an GBM (Gnìomhachasan Beaga is Meadhanach) agus meanbh-ghnìomhachasan, a’ creidsinn gu bheil e ’na thraoghadh airgid dhan ghnìomhachas aca ma chuireas iad airgead an seilbh ann an ionnsachadh co-cheangailte ri obair. Tha e fainear dhan phròiseact seo a shealltainn gur e an dearbh-chaochladh a tha fìor agus gum faod an luchd-obrach aig nach eil deagh-chothroman ionnsachaidh faireachdainn nach eil meas gu leòr ann orra agus gum faod seo smuairean a chur orra. Ma tha Alba air thòir cinneasachd agus co-strìtheachd nas àirde, feumaidh sinn nas urrainn dhuinn dèanamh gus atharrachadh a chur air a’ bheachd seo.
’S e cruthachadh bathar ioma-mheadhan eadar-ghnìomhach prìomh-thoradh a’ phròiseict seo, a’ gabhail a-steach Inneal Measaidh air trèanadh san àite-obrach. Tha e ag amas air aire nam fastaichean a tharraing, airson a’ chiad turas, air na tha ann an ionnsachadh cosg-èifeachdach is ion-amasach san àite-obrach airson buidhnean, ge be dè am meud, raon no sgìre.
’S ann leis an fhiosrachadh seo a tha dùil gum mothaich fastaichean nach eil e ’na thraoghadh airgid dhan ghnìomhachas aca ma chuireas iad airgead an seilbh ann an ionnsachadh co-cheangailte ri obair ach gu bheil e ’na iomairt riatanach a chum soirbheas nan gnìomhachasan aca san àm ri teachd. Bu chòir dhuinn coimhead air ionnsachadh co-cheangailte ri obair mar bhuannachd dhan dàimh eadar an fhastaiche agus a’ chosnaiche cuideachd, cùis a tha a’ cur luach do choimhearsnachd nan gnìomhachasan san fharsaingeachd agus a’ cur piseach air co-strìtheachd Alba Plc.
Bu toil leinn taing a thoirt do Riaghaltas na h-Alba, com-pàirteachas Maoin Shòisealta na h-Eòrpa Amas 3 agus dha na com-pàirtichean againn air sgàth an ro-sheallaidh is na h-earbsa a nochd iad nuair a chuir iad ri làimh na goireasan air an robh feum airson a’ phròiseict seo a thoirt gu buil.
IAIN MAC A’ MHAOLAIN, Cathraiche Bòrd a’ Phròiseict
