Skip Navigation

Amasan a’ Phròiseict

’S e cruthachadh bathar ioma-mheadhan eadar-ghnìomhach prìomh-thoradh a’ phròiseict seo, a’ gabhail a-steach Inneal Measaidh air trèanadh san àite-obrach, a chum aire nam fastaichean a tharraing, airson a’ chiad turas, air na tha ann an ionnsachadh cosg-èifeachdach is ion-amasach san àite-obrach, ge be dè am meud, raon no sgìre.

Thèid am bathar ioma-mheadhan seo a sgaoileadh a-rèir phlanaichean a chaidh an aontachadh leis na 20-25 Comhairlean Sgilean nan Roinnean (CSR) agus Buidhnean Sgilean nan Roinnean (BSR) is aig a bheil dreuchd ann an lìbhrigeadh a’ phròiseict seo agus aig a bheil lìon-obrach air a stèidheachadh còmhla ri fastaichean na h-Alba. Thèid planaichean a chum sgaoileadh an aontachadh leis a’ Phrìomh-Luchd-Ùidhe air Bòrd a’ Phròiseict cuideachd. Thèid am bathar ioma-mheadhan eadar-ghnìomhach a chur air bhog air Prìomh-Choinneamh Sgilean cuideachd, tè a tha a’ dol a thachairt aig deireadh teirm a’ phròiseict.

Bheir am pròiseact seo faireachadh fada nas fhearr do dh’fhastaichean a tha a’ cur airgead an seilbh ann an ionnsachadh san àite-obrach air na dòighean a tha an dà chuid ion-amasach agus a bheir luach an airgid dhaibh.

Gnìomhachasan

  • Nì am pròiseact seo rannsachadh air, agus fiosraichidh e a-mach, na rudan a leanas tro mheadhan fhastaichean anns a h-uile raon:
    • an ìre de dh’ionnsachadh san àite-obrach a tha fastaichean an sàs aig an àm seo
    • na dòighean as èifeachdaiche a chum ionnsachaidh san àite-obrach
    • na dòighean as neo-èifeachdaiche a chum ionnsachaidh san àite-obrach
    • bacaidhean a chuireas casg air luchd-fastaidh on a bhith dol an sàs ann an Trèanadh is Leasachadh san àite-obrach
    • na riatanasan air inneal a mheasas ionnsachadh san àite-obrach (sa mhòrchuid tro mheadhan deuchainn dhòighean)
    • na bhios riatanach a chum loidhne-fhiosrachaidh airson fhastaichean (.i. an taic a dh’fheumas fastaichean nuair a thèid iad an sàs ionnsachadh san àite-obrach)
  • Bidh a h-uile obair rannsachaidh is leasachaidh so-ùraichte agus ’s e seasmhachd na h-obrach a thathar a’ dèanamh cinnteach mar seo.
  • Leasaichidh is nì am pròiseact seo na rudan a leanas ann an com-pàirteachas le fastaichean anns a h-uile roinn:
    • sreath aithisgean rannsachaidh a bhios stèidhichte air fianais
    • bathar ioma-mheadhan eadar-ghnìomhach anns a bheil an dà chuid fiosrachadh coitcheann agus sònraichte dha na roinnean (airson gach prìomh-ghnìomhachas Albannach), a’ gabhail a-steach cur-a-mach sgrìobhainnean is rannsachaidh coitcheann
    • film fiosrachaidh air ionnsachadh èifeachdach/neo-èifeachdach san àite-obrach
    • inneal measaidh deireannach air ionnsachadh san àite-obrach a chum measadh a dhèanamh air èifeachdachd an ionnsachaidh a rinn fastaichean is cosnaichean san àite-obrach
    • ‘mapa’ nan roinnean a sheallas na ceanglaichean eadar prìomh-roinnean gnìomhachas na h-Alba ri buidheann iomchaidh na roinne
  • Cuiridh am pròiseact air chois (rè teirm a’ phròiseict) is cumaidh e a’ dol:
    • loidhne-fhiosrachaidh airson luchd-fastaidh
    • co-labhairt mhòr air sgilean do 250 fastaichean o gach roinn gnìomhachas na h-Alba
  • Nì am pròiseact na rudan a leanas (thar crìoch teirm a’ phròiseict):
    • cumaidh e a’ dol an loidhne-fhiosrachaidh
    • cuiridh e co-labhairt mhòr air sgilean eile air chois airson 250 fastaichean o gach roinn gnìomhachas na h-Alba
    • cumaidh e a’ dol na gnìomhachasan rannsachaidh is leasachaidh
    • ùraichidh e a h-uile aithisg rannsachaidh
    • cumaidh e cunntas air an sgaoileadh thairis air gach roinn gnìomhachas na h-Alba

Lùchdaich a-nuas an Sgrìobhainn Tagraidh Iomlan ann an Cruth Word