Rannsachadh air Brosnachadh Ionnsachaidh san Àite-Obrach
Chaidh obair rannsachaidh a dhèanamh le Futureskills Scotland as leth Sgioba Stiùireadh a’ Phròiseict BIÀ. Gheibh thu an athaisg, a chaidh a sgrìobhadh anns an Damhair 2005, ann an colbh deis na duilleige seo. Leig an athaisg cudrom air grunn adhbharan a tha a’ sealltainn carson a tha am pròiseact seo cho cudromach do dh’fhastaichean ann an Alba.
Mar eiseimpleir, mhothaich Futureskills Scotland dha gun tuirt barrachd air an treas cuid dhe na fastaichean a ghabh pàirt anns an t-suirbhidh ann an 2005 nach tug iad seachad trèanadh anns an 12 mhìos a dh’fhalbh roimhe.A bharrachd air sin, cha tug barrachd air an darna leth dhe na buidhnean, aig a bheil nas lugha na còignear fo fhastadh, trèanadh seachad. ’S e dìreach dà stadaistaig a tha ann is a chuireas cudrom air dè cho deatamach a tha brosnachadh ionnsachaidh san àite-obrach ann an Alba.
Tha Blake Stevenson ag obair air inneal measaidh air trèanadh san àite-obrach gus aire nam fastaichean a tharraing air na tha ann an ionnsachadh cosg-èifeachdach is ion-amasach san àite-obrach airson buidhnean, ge be dè am meud, raon no sgìre. Tha dùil againn gun toir seo comas dha na fastaichean measadh a dhèanamh air luach-an-airgid agus cosg-èifeachdas nan dòighean ionnsachaidh co-cheangailte ri obair a tha iad an sàs ann an-dràsta no a bhios san àm ri teachd. Gheibh thu aithisg-adhartais Blake Stevenson ann an colbh deis na duilleige seo.
Tha sgioba Blake Stevenson ri rannsachadh a bharrachd cuideachd a chuireas ris an aithisg a rinn Futureskills Scotland.
